Naidheachdan

2014-03-29 

Feartan mòra

  • Cuiridh sinn taic ri cànanan le ioma-ghrafan a-nis ann an click_on_letter – le GunChleoc.
  • ’S urrainn dhut an cruth-clò a thaghadh a-nis ann an còmhradh nan roghainnean – le Bruno Coudoin. Chaidh am feart seo a chur an àite taghadh nan craiceann. thug sinn an craiceann “gartoon” on a tha e gun fheum a-nis.

Atharraichean beaga

  • Chuir sinn “pastel” an àite “torta” san eacarsaich teacsa airson na Spainntis
  • Cuiridh sinn taic ri fuaimean ionadaichte a-nis – le GunChleoc. Gabhaidh an guth “yummy yummy” aig gnumch eadar-theangachadh a-nis ann an voices/$LOCALE/misc/eat.wav
  • Chuir sinn cùlaibh stampa ri hexagon – le Bruno Coudoin. Thàinig an cùlaibh o openclipart.org.
  • Dh’ùraich sinn an seòladh aig FSF's – le Daniel Mustieles.
  • Ann an cruinn-eòlas, chàir sinn an iomradh do sri_lanka.ogg – le Bruno Coudoin.
  • Chuir sinn faidhlichean fhaclan a bha a dhìth ris a’ chrochadair – le Bruno Coudoin. Cha robh an liosta Ghàidhlig air a stàladh. Chuir sinn liosta san Fhraingis ris. Chàir sinn an taic ri sràcan. Bha an còd a thug sùil airson litir le sràc san fhacal ri lorg briste.
  • Chàir sinn an rianachd ach an gabh i ri cur a-steach le UTF-8 – le Bruno Coudoin.
  • Chàir sinn logadh a-steach le teacsa – le Bruno Coudoin.
  • Chàir sinn liosta loga na rianachd, bha an cleachdaiche 0 a dhìth – le Bruno Coudoin.
  • Chàir sinn mearachd sgrìobhaidh sa chobhair: ctrl-q an àite ctrl-x – le Bruno Coudoin.
  • Chàir sinn bugaichean sa chleas Oware – le Nicolas Adenis-Lamarre.
  • Clì no deas, chàir sinn na mìneachaidhean, ainm as fearr air na putannan airson eadar-theangachadh – le Bruno Coudoin.
  • Chàir sinn na tachartasan briogaidh ann an cuairt an uisge agus dealain – le Hans de Goede.
  • Chuir sinn faidhlichean a bharrachd on chraiceann “gartoon” ris – le Bruno Coudoin.
  • Thagh sinn “gartoon” mar an craiceann tùsail agus thug sinn “babytoy” air falbh
  • Chàir sinn fòrmat nan dealbhan san stàlaichear airson Windows – le Bruno Coudoin.
  • Dh’atharraich sinn a’ cho-dhealbhachd ann an còmhradh nan roghainnean ach am bi barrachd rùim airson teacsa ann – le Bruno Coudoin.
  • Cànan, chàirich sinn am modh “air ais dhan leibheil roimhe” – le Bruno Coudoin. Chàir sinn an gairm dhan stuth a bharrachd ach an cuir sinn gach soirbheachas air an loga mar bu chòir.
  • Cànan, chàir sinn an sreath tòiseachaidh sa mhodh cuimhne air leibheilean – le Bruno Coudoin. Chaidh am putan “deiseil” a leigeil seachad sa mhodh cuimhne air leibheilean.
  • Cànan, chàir sinn mearachd python exec – le Bruno Coudoin. Bhiodh caochladair ‘ga chleachdadh gun luach tùsail nan robh mearachd san t-sreath tòiseachaidh.
  • Cànan, chuir sinn an tionndaidh air loidhne http://gcompris.net/activity/lang againn fhèin dhen cleas an àite http://laske.fr/abecedarium/ (cur an àite sa chòd agus sna h-eadar-theangachaidhean).
  • Piseach air co-dhealbhachd na rianachd – le Bruno Coudoin. Bha leubailean nam mòidealan ro mhòr agus chaidh gliocasan-sgrìn a chur ’nan àite.
  • Dh’atharraich ainn an ceadachas againn a-rithist ach an aithris e GPLV3+ mar bu chòir
  • Chàir sinn taghadh gnuchess mar bhun-roghainn – le Cosimo Cecchi
  • Chuir sinn litrichean Fraingis le sracan ri briog air litir.
  • gnumch, chàir sinn an t-ionadachadh aig eat.wav. Gabhaidh eat.wav air ionadachadh a chur ann an voices/$LOCALE/misc/eat.wav

ùrachadh an eadar-theangachaidh

  • Chàirich sinn an t-eadar-theangachadh dhan Ruisis – le Stas Solovey.
  • Dh’ùraich sinn an t-eadar-theangachadh dhan Phortagailis Bhraisileach – le Adorilson Bezerra.
  • Dh’ùraich sinn an t-eadar-theangachadh dhan Phortagailis Bhraisileach – le Enrico Nicoletto.
  • Dh’ùraich sinn an t-eadar-theangachadh dhan Phortagailis Bhraisileach – le Rafael Ferreira.
  • Dh’ùraich sinn an t-eadar-theangachadh dhan t-Seicis – le Marek Černocký.
  • Dh’ùraich sinn an t-eadar-theangachadh dhan Danmhairgis – le Joe Hansen.
  • Dh’ùraich sinn an t-eadar-theangachadh dhan Duitsis – le Herman van Beem.
  • Dh’ùraich sinn an t-eadar-theangachadh dhan Fhraingis – le Bruno Coudoin.
  • Dh’ùraich sinn an t-eadar-theangachadh dhan Ghailìsis – le Gonçalo Cordeiro
  • Dh’ùraich sinn an t-eadar-theangachadh dhan Ghearmailtis – le Christian Kirbach.
  • Dh’ùraich sinn an t-eadar-theangachadh dhan Ghreugais – le Yannis Kaskamanidis.
  • Dh’ùraich sinn an t-eadar-theangachadh dhan Ungairis – le Gabor Kelemen
  • Dh’ùraich sinn an t-eadar-theangachadh dhan Liotuainis – le Aurimas Černius.
  • Dh’ùraich sinn an t-eadar-theangachadh dhan Ghàidhlig – le GunChleoc.
  • Dh’ùraich sinn an t-eadar-theangachadh dhan t-Sèirbis – le Мирослав Николић.
  • Dh’ùraich sinn an t-eadar-theangachadh dhan Spàinntis – le Daniel Mustieles.
  • Dh’ùraich sinn an t-eadar-theangachadh dhan Spàinntis – le Milagros Alessandra Infante Montero.
  • Dh’ùraich sinn an t-eadar-theangachadh dhan Spàinntis – le by Rafael Ferreira
  • Dh’ùraich sinn liosta nam faclan Ruisis – le Mayya Sharipova.
  • Dh’ùraich sinn liosta nam faclan Gàidhlig – le GunChleoc.
  • Dh’ùraich sinn an guth Beurla – le Philip Morris agus Julia Wycherley

A h-uile naidheachd