Naidheachdan

2013-11-04 

Na prìomh-fheartan

  • Tha cleas ùr san roinn leughaidh a chuireas seachad seataichean dhe dhealbh, teacsa is guth dhan chlann is eacarsaich an cois. Gabhaidh seo a-steach mu 1000 dealbh is guth sa Bheurla, Spàinntis, Fraingis is Gàidhlig. Fhuair sinn dealbhan is guthan on phròiseact Art4Apps is gach taing dhaibh airson goireas cho feumail a sholar (fo CC BY-SA). Nam bu toil leat taing a thoirt do Art4Apps airson an cuid obrach chruaidh, saoil an toir thu tìodhlac dhaibh air an làrach-lìn aca?
  • Ma tha thu airson sùil a thoirt air a' chleas ùr seo, 's urrainn dhut a chluich air loidhne.
  • Chaidh mòran dhe na cleasan co-cheangailte ri teacsa ath-phrògramachadh gus taic a thoirt ri cànanan a chleachdas ioma-ghrafaichean. Chaidh seo a bhrosnachadh le sgioba luchd-cleachdaidh na Gàidhlig.
  • Chuir sinn smachd air taghadh a' chruth-chlò ann an GCompris ri faidhle rèiteachaidh a' chraicinn. Gabhaidh cruth-clò eile taghadh a-nis ma dh'atharraicheas tu e a làimh gu fear a tha stàlaichte air an t-siostam agad. Mar eisimpleir, ann an boards/skin/babytoy/skin.xml, lorg an loidhne "font id="gcompris/fontface" name="sans" is cuir "ruluko" an àite "sans". Tha an cruth-clò Ruluko 'ga solar le Google fo cheadachas SIL Open Font License 1.1 is chaidh a dhealbhadh gus a bhith taiceil don fheadhainn a tha ag ionnsachadh leughadh. Tha sinn an dùil gun gabh an cruth-clò a thaghadh aig ìre an rèiteachadh ann an tionndaidhean ri teachd.

Càraichean air bhugaichean

  • On a tha fèill mhòr air seo, tha tionndadh as simplidhe dhen chleas bàta-tumaidh ann a-nis le chiad leibheil as fhasa. Chaidh gliocasan-sgrìn a chur ris gus nithean a mhìneachadh.
  • Chaidh tuisleachadh a chàradh a thachradh às dèidh an ro-ràdh no cleas land_safe fhàgail.
  • Mapa na h-Alba ùr le Fòram na Gàidhlig.
  • Chaidh luachan nan dath a chàradh sa chleas nan dathan adhartach. Tha an duilleag seo ag aithris an seann luach is an luach ùr.
  • Tha roghainn ann a-nis gus an leibheil shoirbheachail mu dheireadh a chuimhneachadh air a phrògramachadh le Roopesh Shenoy. Leis an roghainn seo, ma thèid pàiste a-steach do chleas, thèid an leibheil mu dheireadh a bha soirbheachail a thoirt dha.
  • Mapaichean cruinn-eòlais ùra airson Aimeireaga Mheadhanaich is Roinn a' Chuain Sèimh le GunChleoc
  • Liosta nam facal neo-eisimeileach airson nan cleasan leughaidh le GunChleoc
  • Cluinnear guth an ro-ràdh a-nis nuair a nithear briogadh air a' chobhair.
  • Chaidh buga a chàradh a dh'adhbharaicheadh nach robh clàr-taice na rianachd ri làimh
  • Eadar-theangachaidhean

    Ùrachadh air a' Phortagailis Bhraisileach, Breatnais, Seacais, Danmhairgis, Fraingis, Gailìsis, Gearmailtis, Greugais, Ungairis, Laitbheis, Liotuainis, Pòlainnis, Ruisis, Gàidhlig, Sèirbis, Sèirbis (Laideann), Slòbhacais, Slòbhainis, Spàinntis, Tamilis.

    Thoir sùil air staid an eadar-theangachaidh an-seo.

A h-uile naidheachd