Ceannaich / Thoir tìodhlac dhuinn

A' ceannach an tionndadh ùr airson Windows no MacOSX

Chan eil ach cuid dhe na chleasan ri fhaighinn air Windows is MacOSX o thùs, mu 85 dhe na 137 atha ri am faighinn.

Briog air a' phutan gu h-ìosal gus 9€ a phàigheadh airson còd gnìomhachaidh. Nuair a bhios tu air pàigheadh, gheibh thu post-d sa bhad le mìneachaidhean ann (thoir sùil air a' phasgan truilleis agad). Mur faigh thu am post-d seo, cuir fios thugam aig sales@gcompris.net

Cuir fhios thugam gus bargan fhaighinn airson an sgoil agad.

Leis a' chlàradh, faodaidh tu GCompris ùrachadh fad 2 bhliadhna. Às dèidh seo, faodaidh tu an sgaoileadh mu dheireadh a fhuair thu a chleachdadh cho fad a thogras tu.

Tapadh leat airson taic a thoirt do bhathar-bog saor san fhoghlam.

Timothée Giet.

Iomradh laghail: Company Timothée Giet RCS RENNES France 537 873 986.

Thoir tìodhlac dhuinn

'S toil leat fhèin is le do chlann is leis an sgoil agad GCompris. Tha cothrom agad a-nis gus taic a thoirt dhan phròiseact seo.

Bheir e ùine mhòr gus bathar-bog a leasachadh, feumaidh tu bathar-cruaidh is gluasad gus am pròiseact a bhrosnachadh. A dh'innse na fìrinn, tha mi feumach air taic gus leantainn air adhart leis a' phròiseact seo.

'S urrainn dhut taghadh na bheir thu dhuinn de dh'airgead 's tu a' briogadh air a' phutan gu h-ìosal:

Tapadh leat airson taic a thoirt do bhathar-bog saor san fhoghlam.

Timothée Giet.